Tha Crìost beò anns a’ bhàrdachd
Tha lainnir san obair aige a tha air leth tarraingeach agus ma tha e a’ cleachdadh chleasan tha iad cho supailte’s nach bi thu a’ mothachadh dhaibh; ach ma stadas tu mionaid ga sgrùdadh, thig làn ìre eile de chéill gu sùil d’ inntinn mar ghrinneal an grunnd fuaran beinne.
Tha Maoilios 68 a-nis, agus fad iomadh bliadhna tha e air a bhith a’ cur dìleab chudromach de sheòrs’ eile ri chéile – sgrìobhaidhean an Gàidhlig agus am Beurla mu fheallsanachd mar bhàrd. Thàinig an dà sheòrsa sgrìobhaidh seo, bàrdachd agus feallsanachd, còmhla gu h-ùiseil a-nis ann am Myles agus Margaret Campbell, Island Conversion: The Transition of a Gaelic Poet from Sceptic to Believer (Urras Leabhraichean nan Eilean, £12).
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha trì pàirtean san leabhar. An toiseach tha iomradh pearsanta Beurla anns a bheil eileamaidean de mhìneachadh feumail air dusan dàn a dh’fhoillsich e roimhe, de dh’fhéin-eachdraidh le dhara mnaoi (tha i á Leódhas), agus de thràchdas feallsanachail (dh’aithnich mi smuaintean inntinneach ’na mheasg a dh’fhoillsich e ann an Gairm uaireigin mu “Chrìost, am Bàrd”). An uair sin tha sreath-dhàn ùr Gàidhlig ‘Tìr a’ Gheallaidh’ – le eadar-theangachadh Beurla – a’ togail cuid de na puingean as cudromaiche san iomradh. Mu dheireadh, tha an dusan dàn Gàidhlig ud air an toirt seachad, a-rithist le eadar-theangachadh Beurla.
Tha móran anns a’ chiad phàirt a bhios aithnichte do dhuine sam bith a tha eòlach air nàdar a’ chreidimh Ghaidhealaich: cuideam ga chur air bruadaran, manaidhean (maide a’ tuiteam far balla) agus co-thuiteamasan (a thaobh shearmoinean ’s earrannan sgriobtaireil). Leugh Tormod Sona. Chan iongnadh gu bheil Maoilios a’ creidsinn gum bu chòir do gach duine a tha ag aontachadh ri Creud nan Abstol a bhith san aon Eaglais còmhla, oir ged a tha esan agus Mairead anns an Eaglais Shaoir tha iad a’ cur a’ cheart uiread cuideam air comharran gràis ’s a tha Pàpa na Ròimhe. Sin as coireach gu bheil an t-Ollamh Dòmhnall MacLeòid (a’ sgrìobhadh air an t-seacaid) ag ràdh gu bheil an leabhar tinged with mysticism.
Tha 756 loidhne ann an ‘Tìr a’ Gheallaidh’, nas motha na ann am ‘Birlinn Chlann Raghnaill’ neo ‘Moladh Beinn Dóbhrain’. Chuir Maoilios anam bàrdail gu léir ann. Tha 38 pàirtean ann, agus tha iad uil’ eadar-dhealaichte bho chéile. ’S i an té as fheàrr leam air fad ‘Na Ròpaichean’. Seo bìodag dheth:
Sgòr-bheinn smuain
e gun òrdugh.
Gabh an sùgan
seo de shràbhan;
bheir gaol nighneig
suas thu sàbhailt’.
Chaidh mi suas
an stalla gàbhaidh,
sràbh air sràbh
a’ bleith san ànradh …
Sin a thachras nuair thuiteas seann chù-bàrdachd ann an gaol ri boireannach math ’s a lorgas e Dia. Brag! Fuaim aig bàrd math a’ dol ’na bhàrd sàr-mhath.
Buidhe dha. ’S tha mi moladh Island Conversion gu làidir.
THA mi anabarrach toilichte fàilte a chur air A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn le Catrìona NicDhòmhnaill (Cranagan Books, www.cranagan.co.uk, £9.99). Air iomadh adhbhar. Tha e mór, gleansach, agus saor aig a’ phrìs. Tha e ’na chruinneachadh den obair aig Catrìona NicDhòmhnaill, a tha, coltach ri Maoilios Caimbeul, á Stafain san Eilean Sgitheanach – tha 128 dàin ann uile gu léir, seo an treas leabhar aice. Cuideachd coltach ri Maoilios, tha i ’na bàrd air leth math.
Tha Catrìona (a tha a-nist 86 bliadhna dh’aois) a’ leantainn an dualchais aig Dùghall Bochanan ’s aig Pàdraig Grannd mar bhàrd spioradail a tha a’ faotainn soisgeul Chrìost uile thimcheall oirre fhéin anns an dùthaich as aithne dhuinn uile air Ghaidhealtachd na h-Alba seach ann am fàsaichean Israel. Tha an taobh sin den bhàrdachd air a dhaingneachadh le dealbhan dathte camara de mhaise nàdair ann an ceann a-tuath an Eilein Sgitheanaich.
An àite a bhith a’ searmonachadh, bidh a’ bhana-bhàrd a’ cur an céill aoibhneas a’ chreidimh aice. Ao-coltach ri Maoilios agus Mairead, buinidh i do choitheanail na h-Eaglais Stéidhichte. Le bhith a’ toirt thugainn eadar-theangachadh Beurla de dheagh chuid de na dàintean agus beagan mìneachaidh an-siud ’s an-seo, tha A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn (deagh ainm!) a’ cur air adhart obair a thòisich mi fhìn nuair a chuir mi a dhà dhe na dàin seo a-staigh do An Tuil, le cead an ùghdair, ann an 1999. Thagh mi ‘Cum Sinn Dlùth’ mar eisimpleir den phuing mun dualchas, agus ‘An t-Aoibhneas a tha a-staigh sa Chridhe’ mar eisimpleir den phuing mu aoibhneas, ach cuideachd a chionns gun robh iad le chéile ’nan dàintean brèagha, làidir, anns an robh brod na h-ealain.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha na dàin air an cur an òrdugh a’ Bhìobaill, a’ tòiseachadh le ‘Air Madainn cho Àlainn’ – a tha mun chruthachadh, ach a tha ’na dhealbh de dh’Alba a bhlàthaicheadh cridhe muinntir VisitScotland co-dhiù – agus a’ crìochnachadh le ‘Togar ar Cridhe ’s ar n-Inntinn le Àilleachd’, a tha mu làthaireachd Chrìost agus mu dhòchas san t-sìorraidheachd:
Tha moladh is cliù ag èirigh san anam
Tre aithne bhith aige air Slànaighear beò;
Tha ’n t-slàint’ tha tighinn Uaithe mar ghathan na grèine
’S tha aoibhneas a’ brùchdadh mar thobar on chrò.
Eadar an dà cheann, tha sinn a’ gluasad gu mìn réidh tro bhrìgh nan sgriobtairean: am buaireadh, breith Chrìost, a phearsa, a theagasg, a ghnìomhan, an ceusadh, an aiseirigh, an dara teachd, agus mar sin air adhart, ach tha mac-meanmna an ùghdair daonnan a’ cearcladh mun cuairt air gach cuspair, a’ deanamh cheanglaichean pearsanta agus a’ cur iongnadh oirnn bho àm gu àm. Gabhamaid mar eisimpleir aon de na dàin as fheàrr aice (’na mo bheachd fhìn), ‘Crann na Nàire’, a tha air a thogail gu cùramach, gach gin de na 34 sreathan, air neart an fhuaim “ao”.
Crann na nàire dhutsa, O Uain gun ghaoid,
Ach, moladh, dhòmhs’ an ciontach, siud an crann thug saors’.
Eadar nèamh is talamh, O ìobairt naomh,
Siud an ìobairt chùbhraidh phàigh mo chiont’ cho daor.
An ciont’ a ghnìomhaich mis’, a dhèisinn toirt Uat glaodh,
’S mise cho neo-airidh, ’s maitheanas dhomh saor.
An fhearg a choisinn mise air Do phearsa thaom,
’S mise faighinn glanadh às an fhuil ro naomh.
Do cholainn bhochd an crochadh nach robh lag le aois –
Air an Uan a mharbhadh dhòirt an fhearg na caoir.
Cha robh truas no cùram anns na bha ri D’ thaobh,
Ged b’ ann mar bhoinnean fala air Do ghnùis bha ’m braon.
Do làmhan air an tolladh, gach spìc a’ toirt leath’ caob –
Siud na làmhan gràdhach dh’fhuasgail mis’ om dhaors’.
An sleagh a bha cho biorach chaidh an sàs Nad thaobh;
An fhuil a bhrùchd a-mach, ’s gu leòr ann do gach aon.
Thilg iad smugaid shalach air an aghaidh mhaoth –
Siud an aghaidh mhaiseach lìon mo chrìdh’ le gaol …
Se an cuideam air “nàire” seach “glòir” as motha a thàirrneas an t-sùil an-seo, mar gun robh a’ bhana-bhàrd air son dà mhìle bliadhna de dhiadhaireachd a chur an dara taobh agus leigeil oirre gun robh i an làthair air cnoc Chalbhari. Tha rudan iongantach anns a h-uile h-àite sna laoidhean aice, còmhla ri cleasan sìmplidh bàrdail. Ann a ‘Tha Fios agam gu bheil m’ Fhear-saoraidh Beò’ tha gach rann a’ tòiseachadh
Chan eil mi mar a dh’iarrainn,
Chan eil mi mar as còir …
agus a’ crìochnachadh
Tha mi ’g innse dhuibh gu bheil fios agam
Gu bheil m’ Fhear-saoraidh beò.
Saoilidh mi fhìn gun robh làmh an deasaiche ro throm an-siud ge-tà agus gur e “g’eil fios agam” a b’ fheàrr.
Tha dà rud eile mun leabhar a bu chòir ainmeachadh. Aonan se na notaichean beaga aig toiseach cuid de na dàin, leithid: “Chaidh an laoidh seo a sgrìobhadh an dèidh don ùghdar fuireach a-staigh on choinneamh-ùrnaigh, a’ feitheamh ri cuairtearan nach do thionndaich suas!” Dhùraiginn gun robh an tuilleadh ann dhiubh. Am fear eile se na sgeidsichean beaga de fhlùraichean ’s de dh’eoin le Della NicDhòmhnaill, nighean na bana-bhàird. Tha iad seo math ach a-rithist tha iad a’ daingneachadh aon chuspair a-mhàin, mìorbhailean a’ chruthachaidh. Bha e neònach, leamsa co-dhiù, a bhith a’ leughadh ‘Beir Uainn E! Ceus E! Ceus E!’ a tha a’ crìochnachadh
Bhriseadh luirgnean nan truaghan,
Gan greasad gu toirt suas an deò,
Ach cnàmh den t-Slànaighear cha d’ bhriseadh,
Ach shàth iad sleagh Na thaobh ga leòn
agus an uair sin a’ faicinn dealbh beag snog le Della de dhreathan donn far am biodh dùil ri ìomhaigh làidir de sheòrsa nach eil idir idir gann ann an eachdraidh na h-ealain.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdOn a tha a’ bhàrdachd cho math, tha A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn ’na shàr eisimpleir de phrofeiseantachd agus de dh’ionadaileachd air am filleadh còmhla. Siud an aon àite anns an leabhar far a bheil an dà fheart sin a’ cur an aghaidh a-chéile.