Stoidhle Samba '“ bho Easter Road gu Rio
Sann ann an Chicago, Ameireagaidh, far a bheil an dachaigh a-nis aige, a bha Irvine Welsh as t-fhoghar an uiridh agus e a’ bruidhinn leis a’ chraoladair is sgrìobhaiche spòrs, Ailig O’Henley, agus iad a’ clàradh prògram telebhisein air a stiùireadh le Margot NicCuaig airson BBC ALBA.
B’e seo an aon sgioba ‘s a rinn ‘Jock Stein’, am prògram a ghlèidh duais Comann Telebhisein Rìoghail na h-Alba mar am Prògram-aithriseach Spòrs a b’fheàrr ann an 2015.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAgus ged nach fhaca Irvine a-riamh iad a’ cluichd còmhla bha òige, mar ‘smior a’ Hibee’, làn de sgeulachdan iongantach mun Chòignear Chliùiteach aig Hibernian FC a chuir ball-coise na h-Alba fon casan sna bliadhnaichean as dèidh an dara cogaidh.
Choisinn an loidhne-aghaidh iomraiteach Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull agus Ormond cliù cha b’ann a-mhàin aig Hibs agus ann an Alba, ach air feadh an t-saoghail, cho fad air falbh ri Brasil gu dearbh sna 1950an.
Tha an sgeulachd thogarrach aca bho freumhan bochda gu bhith air bilean an t-sluaigh mar na cluicheadairean a b’fheàrr dhen ghinealach, air leth tarraingeach a thuilleadh air a bhith cudromach a thaobh eachdraidh agus cultar na h-Alba.
A’ cleachdadh agallamhan bhon tasglann, ath-chruthachadh dràma agus dealbhan sònraichte a dh’òrdaich an club fhèin sna 1940an gus an sgeulachd innse, tha am ‘Famous Five’ a’ cur an cèill an deichead iongantach a bh’aig Hibs as dèidh an dara cogaidh, a’ taisbeanadh an loidhne-aghaidh iomraiteach a bh’aig a’ chlub san linn as soirbheachaile nan eachdraidh.
A’ nochdadh sa phrògram-aithriseach seo tha buill teaghlaich, co-chluicheadairean, craoladairean agus eachdraiche Hibernian FC. Tha cuimhne aig nighean Willie Ormond, Christina Robertson, air na stòiridhean a bh’aig a h-athair mu na làithean sgoile aige. “Bha an tidsear an còmhnaidh ag ràdha ris – Ormond, sann na casan agad a tha an eanchainn agad! Sin an aon rud a chòrd ris, bhith a-muigh fad an latha le ball-coise còmhla ris na caraidean aige.”
B’ann à sgìre mèinnearachd a bha Eddie Turnbull agus tha an nighean aige, Valerie Low, den bheachd gun robh buaidh aig sin air Turnbull. “Sann bhon choimhearsnachd mèinnearachd a fhuair e an cumadh-inntinn aige. Bha agad ri obair chruaidh a dhèanamh sna mèinnean agus cha robh an t-eagal ort bhith ag obair gu cruaidh. Se an obair chruaidh a rinn fear dhìot.
“Bha ‘cameraderie’ sna bailtean mèinnearachd a bha cudromach dha agus saoilidh mi gum faca e an aon chaidreachas sna sgiobaidhean ball-coise.”
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha làithean a’ Famous Five seachad a-nis bho chionn fhada agus se glè bheag de luchd-leantainn ball-coise na h-Alba an latha an diugh a chunnaic an còignear a’ cluichd còmhla.
Gu dearbh, se an 29 Faoilleach 1955 an latha mu dheireadh a chluich Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull agus Ormond còmhla san aon sgioba. Ach tha Irvine Welsh den bheachd gun do dh’fhàg iad dìleab mhaireannach aig Hibernian FC, spiorad as urrainn ath-bheòthachadh a dhèanamh air fhathast. “Bha buaidh an sgioba sin sna bliadhnaichean as dèidh a’ chogaidh air fèin-aithneachadh a’ chlub agus air ìomhaigh a’ chlub ris an t-saoghal a-muigh. A bhith a’ lorg chluicheadairean òga math, a bhith gan toirt air aghaidh, a bhith gam brosnachadh agus a bhith ag amas air soirbheas fhaighinn leotha – sin am modail airson club mar Hibs.
“Agus stoidhle ùr, tarraingeach, togarrach a tha mar phàirt de DNA a’ chlub.”
Agus, gun teagamh, tha a’ chuimhne a tha aig luchd-leantainn Hibs air a’ Famous Five air chùlaibh an dòchais a th’aca an còmhnaidh gun till na làithean òrdha gu Easter Road agus gun soillsich a’ ghrian a-rithist air Lìte.
lSe purpleTV a rinn riochdachadh air “An Cóignear Cliùiteach – The Famous Five” agus thèid am prògram a-mach Didòmhnaich 24 Faoilleach aig 9f le ath-chraoladh Dihaoine 29 Faoilleach aig 10f air BBC ALBA.
A special documentary commemorating the “Famous Five’, the renowned Hibs forward-line of the post-war years, will air on BBC ALBA on Sunday 24 January at 9pm, repeated on Friday 29 January at 10pm.