A’ Chomraich: ‘prìomh cheann-uidhe nam filidhean’ aon uair eile
Se miann an luchd stiùiridh gum bi cothrom aig a h-uile duine, ge b’e dé ìre de Ghàidhlig a tha aca, cumhachd bàrdachd fhaireachdainn ann an suidheachadh nàdarra Gaidhealach.
A réir Deirig MacGill-Fhinnein, cathraiche na buidhne leasachaidh ionadail, Bealach, a chuir am pròiseact air dòigh, tha sin a’ ciallachadh taic le cànan, tuigse air eachdraidh agus air an àrainneachd, agus feadhainn de na bàird as fheàrr a bhith an làthair. “Chuir sinn romhainn rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Chan e gu bheil dad ùr mu sgoil dhuanaireachd air Ghaidhealtachd. Bha a’ Chomraich fhéin ’na prìomh cheann-uidhe aig filidhean Alba agus Éirinn. Se ar dùil agus ar dòchas gun lean an cothrom seo, ceum air cheum.”
Bha an dà chuid luchd ionnsachaidh ’s fileantaich ann còmhla, ’s ma bha abairt a dhìth bha Beathag Mhoireasdan agus Rupachitta Robertson deiseil le leasanan Gàidhlig. Chaidh Coinneach MacDhòmhnaill a thogail le Gàidhlig bhinn an àite, a chuir e gu deagh fheum ann an aithris taghadh de shàr bhàrdachd.
Ach cha b’e an clasrum bun-stéidh na sgoile seo. Bha Ruairidh Macilleathain, aig a bheil buntainneas ris an sgìre, ro dheònach beagan eachdraidh agus eòlas nàdair a thoirt seachad fhad ’s a bha a’ bhuidheann a’ gabhail deagh chuairt air chois air frith-rathaidean na sgìre.
Tha Eilean a’ Cheò ri fhaicinn bhon Chomraich, ’s bha am bàrd Sgitheanach Aonghas MacNeacail ri làimh gus daoine a bhrosnachadh le faclan coibhneil agus bàrdachd a tha bruidhinn ris a’ chridhe cho math ris a’ cheann.
Tha e ’na leum mór thar a’ chuain gu Ceap Breatainn far an do rugadh Lodaidh MacFhionghain, ach sheall le òrain, craicearachd agus deagh ghean mar a tha bàrdachd bunaiteach don dualchas Ghaidhealach.
Chòrd gnothaichean gu mór ris an fheadhainn a ghabh pàirt.Thuirt Eilidh Ros á Sruighlea: “Bha deagh mheasgachadh de bhàrdachd ’s de chuairtean mun cuairt againn. Fhuair sinn fiùs cothrom air beagan bàrdachd a sgrìobhadh sinn fhìn, rud nach robh mi riamh an dùil gum bithinn comasach a dhèanamh idir.”
Tha Sgoil Bhàrdachd na Comraich air a bhith ann dà thuras a-nis. Thathas an dòchas gun téid i bho neart gu neart ’s gum faic barrachd dhaoine gun fhiach an turas cas-lùibte thar Bealach nam Bó am beartas bàrdail a gheibh iad air an taobh thall.